Holyrood, made browsable

Hansard

Every contribution to the Official Report — chamber and committee — searchable in one place. Pulled from data.parliament.scot, indexed for full-text search, linked through to every MSP.

129
Current MSPs
415
MSPs ever elected
13
Parties on record
2,354,908
Hansard contributions
1999–2026
Coverage span
Official Report

Search Hansard contributions

Showing 30 of 2,354,908 contributions. Latest 30 days: 0. Coverage: 12 May 1999 — 25 Mar 2026.
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP): SNP Chamber
20 Nov 2008
Gaelic Language Development
Tapadh leibhse, Oifigeir-riaghlaidh.Tha mi glè thaingeil don a h-uile duine a tha a' gabhail pàirt anns an deasbad seo, an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig agus, dìreach cho cudromach, an fheadhainn a tha ga h-ionnsachadh fhathast—mi fhìn nam measg. Tha mi taingeil cuideachd do...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
19 Dec 2018
Iolaire Disaster
Air iomadach càrn-chogaidh air feadh na rìoghachd, tha 1914 gu 1919 sgrìobhte. Tha an dàrna bhliadhna sin a’ cuimhneachadh a’ chùmhnaint ann an Versailles a chuir crìoch air a’ chogadh gu foirmeil. Ach bha sin seachd mìosan às dèidh do na gunnaichean fàs sàmhach anns an t-Samh...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
23 Jun 2021
National Gaelic Language Plan
Tha tòrr math air a bhith a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig bhon àm ’s gun deach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a stèidheachadh leis a’ Phàrlamaid seo. Tha BBC Alba againn; tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air fàs; tha poileasaidhean Gàidhlig aig iomadach buidheann phob...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP): SNP Chamber
29 Jan 2009
Gaelic Language Plan
Tha mi a' toirt fàilte chridheil gu òraid a' mhinisteir, gu plana Gàidhlig an Riaghaltais agus dhan chonaltradh a tha a' fosgladh an-diugh. Tha mi an dòchas gum bi a h-uile duine ann aig a' chèilidh bhig air a' chuspair sin ann an seòmar comataidh 3 aig 6 uairean.Anns a' chiad...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP) SNP Chamber
06 Oct 2010
BBC Alba
Anns a’ chiad dol a-mach, bheir mise taing mhòr do Ted Brocklebank airson an deasbaid seo a chumail. Tha ùidh làidir agus eòlas farsaing aig Mgr Brocklebank ann an craoladh na Gàidhlig, agus tha sin a’ nochdadh an-diugh.Tha cothrom againn a-nochd “meallaibh-ur-naidheachd” a rà...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
18 Feb 2020
Gaelic-medium Education (Western Isles)
Presiding Officer, please stop me if for any reason the simultaneous interpretation does not come through. The member continued in Gaelic. Le foillseachadh naidheachd Chomhairle nan Eilean Siar gum bi gach pàiste a tha a’ dol a-steach dhan chiad chlas anns a’ bhun-sgoil am-b...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
08 Feb 2022
The BBC (Funding)
Taing do dh’Ailig Cole-Hamilton airson an deasbad seo a thoirt dhan Phàrlamaid an-diugh. ’S e seirbheis air leth luachmhor a tha anns a’ BhBC, agus tha e na phàirt chudromach den bheatha aig iomadach duine san dùthaich seo. Le naidheachd brèige agus clioc-glacach fada ro ...
Dr Allan SNP Chamber
02 Oct 2012
“National Gaelic Language Plan 2012-17”
Tapadh leibh, Oifigear Riaghlaidh. Chan eil fhios agam dè a’ Ghàidhlig a tha air “filibuster” ach nì mi mo dhìcheall. Anns an samhradh seo fhèin, bha mi air a’ phlèana eadar Steòrnabhagh agus Glaschu air feasgar ciùin soilleir—bha aon feasgar ciùin soilleir ann am bliadhna-sa—...
The Minister for International Development and Europe (Dr Alasdair Allan) SNP Chamber
24 Apr 2018
National Plan for Gaelic
’S e deasbad feumail dha-rìreabh a bh’ againn an-diugh, a’ dearbhadh a-rithist gu bheil taic anns a’ Phàrlamaid, agus thairis air na pàrtaidhean, dhan Ghàidhlig agus dhan àite a th’ aice ann an Alba. Tha mise fòrtanach a bhidh a’ riochdadhadh nan Eilean Siar, far a bheil a’ G...
Dr Allan SNP Chamber
02 Oct 2012
“National Gaelic Language Plan 2012-17”
Tha mi a’ tuigsinn gun robh rudeigin a’ tachairt dìreach an-dè airson a bhith ga chuimhneachadh, agus tha mi gu math taiceil dhan a h-uile oidhirp a tha ann ann an Alba air fad sin a dhèanamh. Bha mise aig rudeigin anns an sgìre agam a’ cuimhneachadh bhàrd na sgìre—na Mic Mhui...
Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
27 Oct 2022
Royal National Mòd 2022 (Perth)
Tapadh leibhse gu Murchadh Friseal airson dèanamh cinnteach gun deach an deasbad seo a chumail anns a’ Phàrlamaid an-diugh. Agus meal-an-naidheachd air Baile Mòr Pheairt, a chuir fàilte cho cridheil air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna. An-dràsda, feumaidh mi m’ ùidh fh...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP): SNP Chamber
11 Feb 2010
BBC Alba
Thairis air na pàrtaidhean, agus ann an Alba air fad, bha daoine a' toirt fàilte air BBC Alba nuair a thòisich e o chionn bliadhna gu leth. A-nis, tha e inntinneach fhaicinn dè cho dìleas ‘s a tha na daoine a tha a' coimhead air BBC Alba a' fàs. Tha clann a-nis a' fàs cleachdt...
The Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages (Dr Alasdair Allan) SNP Chamber
09 Jun 2015
Gaelic Language (Scotland) Act 2005 (10th Anniversary)
Tapadh leibh, Oifigear-riaghlaidh. Tha e na thoileachadh dhòmhsa gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh a’ chinn-là shònraichte seo den reachdas a th’ air a bhith cho cudthromach don Ghàidhlig, agus do dh’Alba. Meal a naidheachd air Aonghas Dòmhnallach airson an deasbad...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
19 Sep 2018
BBC Alba
Taing mhòr gu Maighstear Camshron airson an deasbad seo a stèidheachadh agus cothrom a thoirt seachad dhan Phàrlamaid 10 bhliadhna de BhBC Alba a chomharrachadh. Tha cuimhne agamsa air nuair a dh’fhosgail BBC Alba. Bha mise aig a’ chèilidh, agus chunnaic mi am prògram mu Elvi...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
06 Nov 2019
UN Year of Indigenous Languages and European Day of Languages
Tapadh leibh, anns a’ chiad dol-a-mach gu Aonghas Dòmhnallach, a fhuair cead airson an deasbaid seo an-diugh, a’ toirt cothrom dhuinn uile dà rud cudromach a chomharrachadh aig an aon àm: latha nan cànan aig an Aonadh Eòrpach, agus bliadhna nan cànan dùthchasach aig na Dùthcha...
Dr Allan SNP Chamber
18 Feb 2020
Gaelic-medium Education (Western Isles)
Tha mi ag aontachadh leis a’ bheachd an sin, agus tha e a’ dèanamh ciall na mo bheachdsa gum biodh sgoiltean anns a’ Ghàidhlig a-mhàin gan togail anns a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan anns an àm ri teachd. Tha mi an dòchas gun tachair sin. Following is the simultane...
The Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages (Dr Alasdair Allan) SNP Chamber
02 Oct 2012
“National Gaelic Language Plan 2012-17”
Oifigear Riaghlaidh, ged a tha mi moiteil deasbad air plana nàiseanta na Gàidhlig ùr fhosgladh an-diugh, tha mi ag aideachadh bhon a’ chiad dol a-mach nach bi planaichean a-mhàin gu leòr airson na Gàidhlig ath-nuadhachadh. Seachdain no dhà air ais, chuala mi cuideigin air Rad...
Alasdair Allan: SNP Chamber
11 Feb 2010
BBC Alba
Chan eil mi ag argumaid an-aghaidh a' phuing sin no an-aghaidh an leasachaidh aig Iain Mac a' Ghobhainn. Tha mi direach ag ràdh gum biodh e feumail nam biodh an deasbad mu dheidhinn a' chuspair reusanta agus gum bu chòir fios a bhith aig daoine gu bheil na sianalan sin ri fhao...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP) SNP Chamber
15 Apr 2010
Gaelic (Action Plan)
Tha mi toilichte gu bheil cothrom eile againn an-diugh a bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig anns an t-seòmar, ge bith dè tha an Daily Mail a’ smaoineachadh mu dheidhinn sin. Ach, tòrr nas cudromaiche na sin, tha mi toilichte gu bheil rudeigin cho susbainteach againn airson c...
Dr Allan SNP Chamber
02 Oct 2012
“National Gaelic Language Plan 2012-17”
Tha mi ag aontachadh leis a sin.Cuideachd, bha puingean eile sa deasbad agus, ma thà ùine gu leòr agam, tillidh mi dha na buill sin.Tha mi an dòchas gu bheil an deasbad feumail airson tòrr adhbharan, ach tha mi airson mo thaing a thoirt dhan a h-uile duine a tha air pàirt a gh...
Dr Allan SNP Chamber
09 Jun 2015
Gaelic Language (Scotland) Act 2005 (10th Anniversary)
The process is important. Over many years, there has been a question about how parents pursue the matter if the community perhaps wants to see a Gaelic unit, but the local authority does not. It is a step forward that we have a bill that establishes a process, and evidence—in ...
Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
15 Nov 2022
Gaelic and Scots
Latha de na làithean seasaidh mi suas anns an t seòmar seo agus bruidhnidh mi anns a’ Ghàidhlig mu sheirbheisean slàinte, no an Ucràin. Leis an fhìrinn innse, dh’fheuch mi a leithid a dhèanamh turas no dhà mar-thà, aig àm nan ceisteanan anns a’ Phàrlamaid. Às dèidh làimh, bha...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP): SNP Chamber
26 Jun 2008
SCOTTISH EXECUTIVE · Ambulances (Journey Distances)
A dh'fhaighneachd do Riaghaltas na h-Alba dè an ìre aig a bheil na planaichean a chur às do sgiobaidhean singilte air carbaidean èiginn anns na h-Eileanan an Iar.To ask the Scottish Government what stage its plans are at to stop the single manning of ambulances in the Western ...
Dr Allan SNP Chamber
02 Oct 2012
“National Gaelic Language Plan 2012-17”
Uill, mar a thuirt mi, tha an Riaghaltas seo air am buidseat airson na Gàidhlig a dhìon agus airgead a chur a-steach a Ghlaschu cuideachd. Bha mi toilichte a cluinntinn mu dheidhinn Maxwell Drive ann an òraid a’ bhuill, oir bha mise a’ fuireach ann am Maxwell Drive nuair a bha...
5. Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
20 Mar 2019
Portfolio Question Time · Gaelic Speakers (Numbers)
A dh’fhaighneachd de Riaghaltas na h-Alba na tha e a’ dèanamh gus cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chrìonadh a chaidh aithris anns a’ chuid den òigridh aig a bheil a’ Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar. (S5O-03022) Following is the simultaneous interpretation: To ask the ...
Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
08 Oct 2019
National Islands Plan
Mar a tha fhios aig a’ mhinistear, tha crìonadh na h-àireimh-sluaigh am measg nan dùbhlan as motha a tha ro na h-Eileanan an Iar. Tha “fàs àireamh-sluaigh” air an liosta am measg nan amasan as cudromaiche ann an Achd nan Eilean (Alba) 2018. Am faod am ministear fiosrachadh a ...
Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
16 Jan 2024
Languages at the University of Aberdeen
I congratulate Kevin Stewart on bringing the motion to the chamber. On a personal note, I warmly echo his praise of the late Allan Macartney MEP. I have doubtless told members before about how, in heady pre-Brexit days, I was once on a train between Luxembourg and Brussels. A...
1. Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
12 Jun 2024
Portfolio Question Time · Gaelic Language Skills
To ask the Scottish Government what its response is to the recently published data from Scotland’s census on the number of people with Gaelic language skills. Gus faighneachd de Riaghaltas na h-Alba dè a bheachd air na figearan a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid bho chu...
Alasdair Allan SNP Chamber
12 Jun 2024
Portfolio Question Time · Gaelic Language Skills
Ged a tha e fìor mhath fhaicinn gu bheil deagh bhuaidh air a bhith aig goireasan ùra airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, mar a thuirt am ministear, tha na figearan ag innse sgeulachd eadar-dhealaichte ann an sgìrean far a bheil, no far an robh o chionn ghoirid, a’ Ghàidhlig...
Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP) SNP Chamber
17 Jun 2025
Scottish Languages Bill
Tha mi air leth toilichte am pìos reachdais seo fhaicinn air ar beulaibh an-diugh, còrr beag is fichead bliadhna on a chaidh gabhail ris a’ chiad achd na Gàidhlig—Achd na Gàidhlig (Alba) 2005—achd a thug inbhe don Ghàidhlig ann an dòighean gu math cudromach. Tha am bile ùr se...
← Back to list
Chamber

Plenary, 20 Nov 2008

20 Nov 2008 · S3 · Plenary
Item of business
Gaelic Language Development
Tapadh leibhse, Oifigeir-riaghlaidh.

Tha mi glè thaingeil don a h-uile duine a tha a' gabhail pàirt anns an deasbad seo, an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig agus, dìreach cho cudromach, an fheadhainn a tha ga h-ionnsachadh fhathast—mi fhìn nam measg. Tha mi taingeil cuideachd do na buidhnean Gàidhlig a bha a' gabhail pàirt an-diugh ann an latha Gàidhlig na Pàrlamaid.

Carson, ge-tà, a tha sinn a' bruidhinn mun Ghàidhlig a-rithist? Carson a tha Alasdair MacAilein gur bodraigeadh leis a' chuspair seo turas eile, agus nas miosa, a' bruidhinn sa Ghàidhlig fhèin.

Chuala mi cuideigin gun ainm anns a Phàrlamaid a' gearan o chionn goirid mun phuing seo. Thuirt e, "Bidh deasbad againn an t-seachdain seo a' tighinn mu dheidhinn seòladh. Am bu chòir dhuinn uile a bhith a' bruidhinn mar pirates?" Uill, chan eil mi duilich idir gu bheil mi a' bruidhinn sa Ghàidhlig.

Air an làimh eile, tha mi a' tuigsinn a' chunnairt a tha ann, anns an t-suidheachadh seo, agus is sin cunnart "tokenism" mar a chanas iad. Is ann air sgàth sin a bhios mi a' faighneachd cheistean sa Ghàidhlig anns a' Phàrlamaid, bho àm gu h-àm, air cuspairean eadar-dhealaichte. Tha mi a' dèanamh sin dìreach a bhith a' cumail nam chuimhne gu bheil Gàidhlig comasach air barrachd na cuspair na Gàidhlig fhèin. Ma tha an inbhe a tha aig a' Ghàidhlig a-nis a' ciallachadh dad, tha i a' ciallachadh gu bheil a' Gàidhlig cho math airson còmhradh mu Bhaghdad ‘s a tha i airson còmhradh mun mhòine.

Ma tha sibh ag èisteachd ri seo air na clogaidean-èisteachd, tha mi duilich nach robh an alliteration ag obair anns a' Bheurla cho math ‘s a tha i anns a' Ghàidhlig. Cuimhnichibh air an eisimpleir sin an ath thuras a bhios sibh a' cluinntinn na h-argamaid gu bheil bàrdachd Gàidhlig dìreach cho math anns a' Bheurla ‘s a tha i anns a' prìomh chànan.

Co-dhiù, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an deasbad seo cudromach dìreach aig ìre ìomhaigheil. Tha tòrr a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig an-dràsta a tha a' dèanamh an deasbaid seo freagarrach agus feumail.

Bha deasbad den t-seòrsa seo againn airson a' chiad uair ann an 2000—a' chiad deasbad a bha air a chumail tro mheadhan na Ghàidhlig bhon bhliadhna 1307. An uair sin, bha sinn a' suidhe ann an Àird Chatain ann an Earra-Ghàidheal, agus cò bha anns a' chathair, Oifigear-riaghlaidh, ach Raibeart Brùs?

Dè tha air tachairt don Ghàidhlig eadar 2000 agus an-diugh? Uill, airson aon rud, tha taic nas làidire ann don Ghàidhlig aig a h-uile pàrtaidh. Bhiodh e doirbh a chreidsinn 10 bhliadhna air ais, mar eisimpleir, gum biodh sianal telebhisein aig a' chànan, le prògraman matha, luchd-èisteachd a' fàs, ùidh ga brosnachadh anns a' chànan agus misneachd ga toirt gu gnìomhachas craolaidh ann an Alba air fad. Agus ged a tha cnap-starra ann—ged nach eil an sianal air Freeview fhathast—tha sinn uile aig an aon ràmh a' strì gus sin a chur ceart.

Tha plana Gàidhlig aig a' Phàrlamaid a-nis a tha a' cur ris na seirbheisean Gàidhlig a tha rim faotainn aig a' Phàrlamaid an-dràsta ann an caochladh dhòighean. Chaidh na planaichean Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, mar eisimpleir, agus Comhairle na Gàidhealtachd fhoillseachadh o chionn ghoirid cuideachd. Canaidh am ministear, tha mi cinnteach, rudeigin mu phlanaichean a tha aig an Riaghaltas cuideachd, agus na targaidean neartmhor a tha aca airson adhartas nas làidire fhathast. Mar eisimpleir, a' dèanamh cinnteach gu bheil àireamhan nan Gàidheal aig a' chunntas-sluaigh ann an 2021 aig an aon ìre ‘s a bha e ann an 2001. Airson a' chiad uair, tha mi an dòchas gu bheil sinn ag obrachadh gus crìonadh na Gàidhlig a thionndadh air ais.

Carson a tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn leasachadh a' chànain, ge-tà? Uill, a chionn ‘s gu bheil rathad fada romhainn eadar an seo agus slàinte airson na Gàidhlig. Tha mòran adhbharan ann airson "meal-an-naidheachd" a chantainn rinn fhèin. Ach feumaidh sinn, aig an aon àm, ar casan a chumail air an làr.

Tha mi eòlach air cuideigin ann an Leòdhas a tha a' tuigsinn na Gàidhlig, ach cha bhi e ga cleachdadh idir. Bha mi a' faighneachd dheth carson, agus thuirt e nach robh ach a' Ghàidhlig aige nuair a thòisich e anns an sgoil. Thuirt an tidsear ris—anns a Bheurla, ged a bha Gàidhlig gu leòr aice—gum faigheadh e an strap a h-uile turas a bhiodh e a' cleachdadh na Gàidhlig. Fhuair e an strap a h-uile latha anns a' chiad agus san darna bliadhna aige anns an sgoil gus an do dh'ionnsaich e a' Bheurla. Agus tha sinn a' faighneachd fhathast carson a tha "hang-ups" aig tòrr dhaoine anns na h-eileanan mu bhith a' cleachdadh na Gàidhlig agus carson nach eil ach cairteal de na pàrantan a' taghadh fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson na cloinne aca ged a tha a' chomhairle a' dèanamh deagh obair air a' chuspair siud.

Chaidh a' Ghàidhlig sìos mu 3,800 duine dìreach anns na h-Eileanan an Iar eadar 1991 agus 2001. Anns an 100 bhliadhna eadar 1901 agus 2001, chaidh àireamh nan Gàidheal ann an Alba air fad sìos bho faisg air cairteal a' mhillein gu dìreach 58,000. Cha mhair a' Ghàidhlig le àireamhan mar sin. Is e fàs no bàs an roghainn a tha againn.

Ged a tha an rabhadh sin romhainn ge-tà, tha sinn ag aithneachadh an adhartais a tha ann. Tha 2,200 cloinne a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile air feadh na h-Alba. Bha dìreach 24 ann ann an 1985. Feumaidh an àireamh seo a dhol suas gun dàil sam bith.

Tha e fìor chudromach gu bheil am poileasaidh againn ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig airson na coimhearsnachd, agus chan ann dìreach airson na sgoile. Mar a thuirt aon nighean bheag riumsa ann an Leòdhas, "Carson a tha a h-uile mac màthair anns a' bhaile agam a' bruidhinn riumsa anns a Bheurla? Nach eil iad a' creidsinn gu bheil a' Ghàidhlig agam?" Mar sin, feumaidh sinn an t-àite a tha aig a Ghàidhlig anns a' choimhearsnachd a neartachadh, ma tha sin a' ciallachadh cùrsaichean ulpan no ge-brith dè.

Tha a' Ghàidhlig mar phàirt de ar n-eachdraidh, ar cultar, pàirt de ar nàdar fhèin. Ma bhios sinn ga call, bidh sinn a' call rudeigin prìseil da-rìribh. Tha an cànan ann an staid chunnartach, ach tha e ann an staid dòchasach cuideachd. Sin an t-adhbhar gu bheil e cho cudromach gu bheil Gàidhlig ga cluinntinn anns an t-seòmar seo. Sin an t-adhbhar gu bheil mi a' togail a' chuspair seo turas eile agus is ann air sgàth sin gu bheil mi, gun nàire sam bith, a' bruidhinn mun Ghàidhlig a-rithist.

In the same item of business

The Deputy Presiding Officer (Alasdair Morgan): SNP
The final item of business today is a members' business debate on motion S3M-2374, in the name of Alasdair Allan, on Gaelic language development. The debate ...
Motion debated,
That the Parliament commends Comhairle nan Eilean Siar, along with other local authorities and public bodies, for the recent publication of their Gaelic lang...
The member has provided the following translation: SNP
Gu bheil a' Phàrlamaid a' moladh Comhairle nan Eilean Siar, cho math ri ùghdarrasan ionadail agus buidheannan phoblach eile, airson na planaichean Gàidhlig a...
Alasdair Allan (Western Isles) (SNP): SNP
Tapadh leibhse, Oifigeir-riaghlaidh.Tha mi glè thaingeil don a h-uile duine a tha a' gabhail pàirt anns an deasbad seo, an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig ag...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
Thank you, Presiding Officer. I thank everyone who is taking part in the debate—those with Gaelic and, just as important, those, like me, who are still learn...
Pauline McNeill (Glasgow Kelvin) (Lab): Lab
Ciamar a tha thu was the only Gaelic that I knew until this afternoon, when I learned how to say, "Good afternoon, friends": feasgar math, a chàirdean. I apo...
Ted Brocklebank (Mid Scotland and Fife) (Con): Con
Bu toigh leam meal-an-naidheachd a thoirt gu Alasdair MacAilein airson a bhith a' cur deasbad an fheasgair seo air dòigh. Tha mi glè thoilichte a bhith a' br...
Following is the simultaneous interpretation: Con
I congratulate Alasdair Allan on securing tonight's debate. I am very happy to be talking about the future of the Gaelic tongue and I welcome today's Gaelic ...
The member continued in English. Con
I hope that that roughly approximated to the following. I congratulate Alasdair Allan on securing tonight's debate. I am very happy to be talking about the f...
John Farquhar Munro (Ross, Skye and Inverness West) (LD): LD
Tha mise, mar a tha a h-uile duine eile, gu math toilichte agus pròiseil a bhith a' gabhail pàirt anns an deasbad a-nochd. Tha mi airson taing a thoirt do mo...
Following is the simultaneous interpretation: LD
I am, like everyone else, pleased and proud to be taking part in this debate tonight. I thank my friend Alasdair Allan for securing the debate. I also thank ...
Dave Thompson (Highlands and Islands) (SNP): SNP
Tapadh leibhse, Oifigeir-riaghlaidh. Tha mi gu math toilichte pàirt a ghabhail anns an deasbad seo air leasachadh na Gàidhlig agus meal-a-naidheachd a thoirt...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
Thank you, Presiding Officer. I am happy to take part in this debate about the development of Gaelic. I congratulate Alasdair Allan on bringing the debate to...
Lewis Macdonald (Aberdeen Central) (Lab): Lab
Mòran taing. I congratulate Alasdair Allan on securing the debate this evening, and I congratulate the learners of Gaelic who have spoken so well. The debate...
The Deputy Presiding Officer: SNP
At this point, I would be prepared to accept a motion to extend the debate by up to 20 minutes in order to finish the debate.
Motion moved,
That, under Rule 8.14.3, the debate be extended until 5.56 pm.—Alasdair Allan.
Motion agreed to.
Willie Coffey (Kilmarnock and Loudoun) (SNP): SNP
I am pleased to speak in the debate and congratulate my colleague Alasdair Allan on securing it.I will make a brief speech, not as a speaker of Gaelic but as...
The Minister for Schools and Skills (Maureen Watt): SNP
I thank the member for promoting what is being done in East Ayrshire and I hope that he will join me in congratulating Aberdeenshire Council on having a Gael...
Willie Coffey: SNP
I certainly agree. Development in that area in recent years has been a revelation to me.If Gaelic is to develop, it must be allowed to come in from the cold ...
Peter Peacock (Highlands and Islands) (Lab): Lab
I join Alasdair Allan in welcoming the Gaelic language plans from Comhairle nan Eilean Siar and the Parliament, which I congratulate. I will stop short of co...
Ken Macintosh (Eastwood) (Lab): Lab
Tha mi an dòchas gu bheil deasbad an latha an-diugh na cheum eile air adhart ann an aiseirigh na Gàidhlig.I tried to say that I hope that the debate marks an...
The Minister for Europe, External Affairs and Culture (Linda Fabiani): SNP
Tapadh leibh, Oifigear-riaghlaidh. Gaelic is unique to Scotland, and everyone here has recognised that, I am delighted to say. Everyone has also recognised t...
Meeting closed at 17:56.