Holyrood, made browsable

Hansard

Every contribution to the Official Report — chamber and committee — searchable in one place. Pulled from data.parliament.scot, indexed for full-text search, linked through to every MSP.

129
Current MSPs
415
MSPs ever elected
13
Parties on record
2,354,908
Hansard contributions
1999–2026
Coverage span
Official Report

Search Hansard contributions

Showing 20 of 2,354,908 contributions. Latest 30 days: 0. Coverage: 12 May 1999 — 25 Mar 2026.
The Deputy Minister for Highlands and Islands and Gaelic (Mr Alasdair Morrison): Lab Chamber
02 Mar 2000
Gaelic
Ceann Comhairle, 's ann le uaill, iomagain agus beagan de dh'irisleachd a tha mi a' fosgladh a' chòmhraidh seo an-diugh. 'S e seo latha cho sònraichte 's a bha riamh ann an eachdraidh na Gàidhlig, agus sinn ga bruidhinn gu foirmeil ann am Pàrlamaid na h-Alba son a' chiad uair ...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Committee
09 Nov 2004
Promoting Scotland Worldwide Inquiry
Faodaidh mi tòiseachadh le bhith a' toirt freagairt air feadhainn dhe na ceistean a chuir Philip MacÙisdean o chionn mionaid mu dheidhinn nan ceanglaichean eadar Èirinn agus Alba. O chionn seachd bliadhna, chaidh ceanglaichean a chur air dòigh tro iomairt Chaluim Chille aig a ...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Chamber
06 Mar 2003
Gaelic Language (Scotland) Bill: Stage 1
Anns na ceithir bliadhnaichean a chaidh seachad, tha sinn air adhartas fhaicinn ann an iomadach roinn co-cheangailte ris a' Ghàidhlig. Chaidh rudan a dhèanamh chan ann a-mhàin leis an Riaghaltas agus a' Phàrlamaid seo, ach tha ar caraidean ann an Westminster a' dèanamh an t-ua...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Chamber
21 Apr 2005
Gaelic Language (Scotland) Bill
Tha mi toilichte dha-rìridh a bhith a' gabhail pàirt anns an deasbad crìochnachaidh seo. Bidh deagh chuimhne aig a' mhinistear—duine a tha air a bhith an sàs ann am poileataigs na Gaidhealtachd cha mhòr 25 bliadhna—air an adhartas a tha sinn air fhaicinn thairis air na bliadhn...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Chamber
30 Oct 2003
Integrated Rural Development
I am grateful to the convener of the Environment and Rural Development Committee for taking us on a tour de force of the committee's report. Sarah Boyack has led an extended moment for reflection as opposed to a debate. Our discussion this morning has been less fraught than ou...
Mr Morrison: Lab Chamber
08 Sep 2004
Scottish Executive's Programme
Cha tuigeadh Mgr Aitken ciall ann an cànan sam bith gun luaidh air Gàidhlig no ann am Beurla.Mar a thuirt mi, bidh iomadach cuimhne againn air an t-seann dhachaigh aig mullach na sràide, ach dhòmhsa, mar Ghaidheal, is e Achd Ath-leasachadh an Fhearainn a bhios na phrìomh chuim...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Chamber
02 Feb 2005
Gaelic Language (Scotland) Bill: Stage 1
Tapadh leibh, Oifigeir-riaghlaidh. Tha sinn air iomadach ceum a ghabhail às leth na Gàidhlig bho chaidh a' Phàrlamaid seo a stèidheachadh o chionn còrr agus còig bliadhna gu leth air ais. Bhon chiad latha a dh'fhosgail a dorsan mìle shuas an rathaid, tha a' Ghàidhlig air inbhe...
Mr Morrison: Lab Chamber
07 Sep 2000
Scots and Gaelic
Uill. An uair a bhios mise a' bruidhinn an Inbhir Nathairn agus ‘san Eilean Sgitheanach, bi mi a' deanamh gu math soilleir dè dìreach a tha sinn a' deanamh. Sin agad ag obair a dh'ionnsaidh ar h- amas agus sin agad an rud a gheall sinn a' dheanamh agus sin agad gu dearbh as th...
Mr Morrison: Lab Chamber
07 Sep 2000
Scots and Gaelic
Tha mi a' cuir mo làn-thaic ris a bharail a tha sin agus tha a' smaoineachadh gu bheil mi feuchainn ri shoilleireachadh. Cha bhi cànan sam bith air a chumail a mach neo air fhàgail as anns a ghnothaich a tha seo.Gu fìrinneach, tha Riaghaltas na h-Alba mar tha air tuilleadh ‘s ...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Chamber
08 Sep 2004
Scottish Executive's Programme
Oifigeir Riaghlaidh, tha mi uabhasach toilichte a bhith a' gabhail pàirt san deasbad seo, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e iomchaidh gum bi mi a' labhairt mo chiad bhriathran san togalach seo nam chiad chànan. Anns an togalach ùr dhealasach seo an-dè, mhìnich am Prìomh ...
Mr Alasdair Morrison (Western Isles) (Lab): Lab Committee
24 Apr 2006
Crofting Reform etc Bill: Stage 1
Tha sinn an seo airson fiosrachadh a thional agus a thogail mu dheidhinn Bile Ath-leasachaidh na Croitearachd etc. Tha mi toilichte a ràdh gur e seo an dàrna coinneamh againn air a' bhile. Choinnich sinn an t-seachdain a chaidh ann an Dùn Èideann, far an cuala sinn fianais bho...
Mr Morrison: Lab Committee
08 May 2006
Crofting Reform etc Bill: Stage 1
On the theme of a viable future for crofting, I am sure that most people on the panel are familiar with the Executive's iomairt aig an oir, or initiative at the edge. The philosophy that underpins the initiative is that, rather than having six, eight, nine or 10 Government age...
Mr Morrison: Lab Committee
08 May 2006
Crofting Reform etc Bill: Stage 1
What would prevent that fragmentation? Would it be the iomairt aig an oir philosophy, whereby, rather than head off in different directions—although there may be legitimate purposes and reasons for their doing so—representatives of each and every public housing, economic devel...
Mr Morrison: Lab Committee
20 Jun 2000
Rural Employment
On behalf of the ministerial team with responsibility for enterprise and lifelong learning, I reinforce what Ross Finnie has said about the Executive's commitment to supporting and strengthening rural economies throughout Scotland. One relevant and perhaps overdue step that wa...
Mr Morrison: Lab Chamber
02 Mar 2000
Gaelic
Thàinig fiosrachadh gu bheil Riaghaltas Bhreatainn air an ainm a chur ri Charter Eòrpach airson na Mion Chànain. Tha mi a' tuigsinn bho Mhaighistir MacUilleam gun deach sin ainmeachadh an-diugh ann an dà thaigh na Pàrlamaid ann an Lunnain agus ‘s e naidheachd dha-rìribh a tha ...
Mr Morrison: Lab Chamber
02 Mar 2000
Gaelic
'S e a' chiad rud a dh'fheumas mi fàilte a chur air—na ciad bhriathran a labhair a' bhean-phòsda Nic a' Mhaolain. Tha mi gu dearbh a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil tòrr Bhuill a-nis, bho gach pàrtaidh,a' tighinn còmhla agus tha mi a' cur meal-an-naidheachd air a' bhean...
The Deputy Minister for Highlands and Islands and Gaelic (Mr Alasdair Morrison): Lab Chamber
07 Sep 2000
Scots and Gaelic
Tapadh leibhse a' Chinn-Chomhairle, agus tha mi toilichte cha rìribh gu bheil mi a' faighinn a' chothrom airson an treas turas mo chànan fhein a' chleachdadh a's a' Phàrlamaid a tha seo. Mar a tha cuimhne againn, bha deasbad againn agus ann an Gàidhlig agus mu dheidhinn na Gài...
Mr Morrison: Lab Chamber
07 Sep 2000
Scots and Gaelic
Chuir e beagan iognadh orm a' Chinn Chomhairle nach do chleachd Iain Fearchar Rothach, nach do chleachd e a' Ghàidhlig, agus chan'eil mi a' tuigsinn fo thalamh carson a bha e a' cleachdadh, cleachdadh, cleachdadh na Beurla. Chaidh moran phuingean a' thogail agus bu toil leam c...
Mr Morrison: Lab Chamber
08 Sep 2004
Scottish Executive's Programme
Bheir mi freagairt ghoirid, agus is e sin gu bheil am bile a' dol a dhèanamh feum ach, mar a tha fios aig a h-uile ball, tha a h-uile bile a tha a' tighinn fa choinneamh na Pàrlamaid ag atharrachadh gu mòr bhon latha a thèid fhoillseachadh gus an latha mu dheireadh a thèid e t...
Mr Morrison: Lab Chamber
02 Feb 2005
Gaelic Language (Scotland) Bill: Stage 1
Tha mi taingeil airson dà adhbhar gun tàinig Pauline NicNèill air a casan: thug e cothrom dhomh uisge fuar òl agus tha mi a' cur ris a' bheachd a nochd i. Tha fios agam gun robh i mar bhall ionadail an lùib nan còmhraidhean sin, a' toirt taic do Steve Purcell, do Theàrlach Gòr...
← Back to list
Chamber

Plenary, 02 Mar 2000

02 Mar 2000 · S1 · Plenary
Item of business
Gaelic
Ceann Comhairle, 's ann le uaill, iomagain agus beagan de dh'irisleachd a tha mi a' fosgladh a' chòmhraidh seo an-diugh. 'S e seo latha cho sònraichte 's a bha riamh ann an eachdraidh na Gàidhlig, agus sinn ga bruidhinn gu foirmeil ann am Pàrlamaid na h-Alba son a' chiad uair o chionn sia ceud bliadhna. Tha e air leth freagarrach gu bheil seo a' tachairt aig an àm seo, oir tha an ath-bhliadhna air a sònrachadh mar Bhliadhna nam Mion-Chànan le Coimisean nan Coimhearsnachdan Eòrpach.

Tha mi cleachdadh, Ceann Comhairle, an fhacail "còmhradh" seach am facal "deasbad", oir saoilidh mi gu bheil gach pàrtaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba bàigheil agus taiceil do Ghàidhlig agus don eachdraidh 's don dualchas 's don chultar a tha toinnte ris a' chànain 's ris na daoine tha ga cleachdadh. Bhiodh e duilich dha-rìribh nan tigeadh ballachan poiliticeach eadar i agus soirbheachadh is adhartas.

Carson, ma tha, Ceann Comhairle, a tha àite aig Gàidhlig am measg nam prìomhachais aig Pàrlamaid Alba?

Tha Gàidhlig na neamhnaid luachmhor ann an cridhe 's ann an anam na h-Alba. Chan eil i air a cuingealachadh le crìochan teann. Chan eil i air a crodhadh ann an cùiltean cumhang. Tha Gàidhlig nàiseanta, Eòrpach, agus eadar-nàiseanta. Tha i bunaiteach do dh'Alba. Chan eil i idir air an oir no air chul-fraoin. Feumar a dèanamh gnàthach agus a còraichean a dhèanamh tèarainte. Tha iomadh rud prìseil ann an dualchas na h-Alba, ach, nam bharail-sa, chan eil nì a tha cho aosda, cho domhainn agus cho prìseil ri dìleab na Gàidhlig. Ach, Ceann Comhairle, tha i fo mhùiseig a dh'fhaodadh a bhith bagarrach mura bi sinn nar faiceall. Ma mhaireas i beò agus làidir bidh e na bhuannachd dhuinn uile.

Mar a dh'ainmich mi anns an Og Mhìos seo chaidh, tha an Riaghaltas a' còmhradh ri Comunn na Gàidhlig agus ri buidhnean eile a dh'ionnsaidh inbhe thèarainte dhan Ghàidhlig. Ach chan e Inbhe Thèarainte a mhàin a chuireas Gàidhlig air stèidh air an togar adhartas. Feumar innleachdan a dhealbh agus iomairtean dòigheil a choileanadh gus Gàidhlig a thoirt air adhart.

Ceann Comhairle, mus tig mi chun a' chuspair àraid a tha far comhair an-diugh—sin agad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig—bu toigh leam beagan fhaclan a ràdh mu Ghàidhlig anns an fharsaingeachd. Ged a tha seachdadh air tighinn air an àireamh a tha a' cleachdadh na cànain gu cunbhalach tha piseach mhòr air tighinn air Gàidhlig anns an fhichead bliadhna chaidh seachad. Mura b' e gun deach oidhirpean a dhèanamh air a' chrìonadh a chasg, bhiodh Gàidhlig ann am fìor dhroch staing an-diugh. Tha sinn fada an comain gach buidheann agus neach a bha strì cho dealasach agus cho dùrachdach gus an soirbheachadh sin a thoirt gu buil. Tha craoladh, na h-ealain agus foghlam Gàidhlig aig ìre nas àirde na bha iad riamh. Ach tha mòran leasachadh ri dhèanamh fhathast, agus tha agus bithidh pàirt mhòr agus chudromach aig a' Phàrlamaid seo anns an leasachadh sin.

Tha an Riaghaltas a' cur taice ri Gàidhlig air chaochladh dòigh. Tha sinn, mar eisimpleir, a' cur ochd millein gu leth not sa bhliadhna ann an craoladh Gàidhlig. Agus tha seo, chan e mhàin air togail agus inbhe agus ùrachadh a thoirt dhan chànain, ach tha buaidh mhòr is mhath air a bhith aige air foghlam agus tha e air mòran obraichean a chruthachadh air feadh Alba.

An-dràsda fhèin tha Buidheann Gnìomh a' coimhead air dè cho deatamach agus cho comasach 's a bhios e seirbheis Ghàidhlig choileanta a stèidheachadh air telebhisean digiteach. Bidh dùil againn ri aithisg fhaighinn bhuapa ann am beagan mhìosan. Agus tha mi a' tuigsinn gu bheil cathraiche na Buidhne sin, Alasdair Milne, a' coinneachadh Chris Mac a' Ghobhainn feasgar an-diugh fhèin airson an dearbh chuspair sin a dheasbad.

Chuir sinn cuideachd air chois Buidheann Gnìomh gus rannsachadh a dhèanamh agus molaidhean a thoirt dhuinn air na h-uallachaidhean agus na structairean as èifeachdaiche gus an luach as fheàrr fhaighinn às na h-iomairtean leasachaidh Gàidhlig ris am bheil an Riaghaltas a' cur taice airgid. Tha iad air beachdan inntinneach agus comhairle fhaighinn eadar Barraigh is Barcelona, na Hearadh is Honolulu. Mar a thuirt mi mar tha, tha crìochan na Gàidhlig farsaing.

Am measg an adhartais a thàinig anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha coimhearsnachd ùr ann an saoghal na Gàidhlig—an fheadhainn a dh'ionnsaich i agus na ceudan eile tha ga h-ionnsachadh gach bliadhna mar a thig agus tha sibh fhèin, Ceann Comhairle, an lùib an àireimh sin. Tha cuid aca anns an t-seòmar seo an-diugh, agus tha sinn fada nan comain airson an dealais agus an tacsa agus tha sinn a' coimhead air adhart airson èisdeachd ri cuid dhe na daoine a bhios a' bruidhinn san deasbad. Eadar an luchd-ionnsachaidh agus an fheadhainn a fhuair a' chànan aig glùin am màthar tha neart agus spionnadh ann an coimhearsnachd na Gàidhlig san fharsaingeachd. Agus tha e iomchaidh gun toireamaid dhaibh uile tuilleadh brosnachaidh is misneachaidh.

Ceann Comhairle, tha e riatanach cuideachd gum biodh Gàidhlig agus Albais a' neartachadh a chèile. Mar eisimpleir air iomairt dha bheil an Riaghaltas a' toirt taice tha Tobar an Dualchais. Seo Pròiseact gus am beul-aithris agus an eachdraidh agus an ceòl luachmhor a tha anns na tasg-lannan aig Sgoil Eòlais na h-Alba, BBC Alba agus Cruinneachadh Chanaidh a chur ann an cruth digiteach far am bi e fosgailte dhan t-saoghal mhòr tro ghoireasan an eadar-lìon. Ceann Comhairle, Gàidhlig is Albais taobh ri taobh. Chan ann a' coimhead air ais a tha Tobar an Dualchais idir. The e fuaigheall seann saoghal ri saoghal ùr. An-diugh fhèin thàthar a' fosgladh làrach-linn ann an Eilean Thiriodh a bheir cuid den ionmhas ann an Tobar an Dualchais gu daoine air feadh an t-saoghail. Goireasan conaltraidh ùra a' toirt eachdraidh is cultar na h-Alba nas fhaisge oirnn agus nas ciallaiche dhuinn.

Tha mi mothachail gu bheil feadhainn anns an t-seòmar seo aig a bheil ceanglaichean sìnnsreachd ri Eirinn, agus tha e mar fhiachaibh oirnn na bannan eadar Gàidheil Alba agus Gàidheil na h-Eirinn a ghleidheadh agus a dhaingneachadh. 'S e sin a tha fainear do dh'Iomairt Chaluim Chille, a chuir Brian MacUilleam air bhonn o chionn dà bhliadhna, agus tha iomadh buannachd air tighinn na lùib ann an ùine ghoirid agus tha e dol o neart gu neart, le ceanglaichean gan cruthachadh eadar coimhearsnachdan co-ionnan air dà thaobh Sruth na Maoile. Ann an trì seachdainnean eile bidh Pàrlamaid na h-Oigridh a' coinneachadh ann an Doire Chaluim Chille, le òigridh is oileanaich à Alba is Eirinn a' deasbad air cùisean a tha cudromach dha na dùthchannan Ceilteach. Tha mi cuideachd air nochdadh air beingean nan daoine uasail, Ceann Comhairle, gu bheil caraid dhuinn an làthair a seo agus bu toigh leam, le ur cead, fàilte chur air. Sin agaibh Ard Chonsalach na h-Eirinn, Dan Mulhall, agus as leth na Pàrlamaid, chuirinn fàilte fhoirmeil oirbh. Bidh mi fhìn agus Dan Mulhall an làthair aig Pàrlamaid na h-Oigridh ann a dhà na trì sheachdainnean far am bi ministear a' Phoblach, Eamon o' Cuibh, cuideachd.

An t-seachdainn seo chaidh, chaidh pròiseict a chur air chois gus Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu. Am measg nan amasan tha gum bi an t-ionad seo mar mheadhan air feadhainn aig a bheil ùidh ann an cànain is dualchas Alba is Eirinn a thoirt nas dlùithe ri chèile. Tha e mar eisimpleir nach eil Gàidhlig air a crodhadh ann an oiseanan cumhang den dùthaich ach gu bheil i nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Agus is ann nas follaisiche tha i fàs ann an seadh eadar-nàiseanta. Thug Roinn a' Mhalairt 's a Ghnìomhachais taice o chionn bheagan mhìosan do Chomhairle nan Leabhraichean Gàidhlig gus leabhraichean Gàidhlig fhoillseachadh ann an Canada. Chuala mi an t-seachdainn seo fhèin gu bheil Comhairle nan Leabhraichean, mar thoradh air an oidhirp sin, air iarrtas fhaighinn o bhùthan ann an Canada a tha airson leabhraichean Gàidhlig a reic. Tha iad cuideachd air cuireadh fhaighinn gus leabhraichean a chur an clò ann an co-bhanntachd far am bi bàrdachd Gàidhlig air a h-eadar-theangachadh gu Frangais agus bàrdachd à Quebec air a h-eadar-theangachadh gu Gàidhlig. A bharrachd air a sin thàinig iarrtas à Canada son nobhail ùr leis an sgrìobhaiche ainmeil Canadianach Alasdair MacLeòid eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Tha an leabhar seo a' toirt luaidh air dualchas Gàidhlig air dà thaobh a' Chuain Shiar agus tha e air a bhith cho soirbheachail ri leabhar a chaidh riamh a sgrìobhadh ann an Canada. Mar a thuirt mi mar tha, tha Gàidhlig nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

An dèidh na deilbhe fharsaing sin a tharraing, bu toigh leam tionndadh a-nise gu prìomh chuspair ar seanchais—foghlam tro mheadhan na Gàidhlig—na mo beachdsa an leasachadh as cudromaiche thàinig air a' Ghàidhlig, agus is dòcha air foghlaim Alba gu lèir, bho chionn bhliadhnaichean.

O chionn ochd bliadhna deug dheàlraich grian ùr air foghlam Gàidhlig. Tro iarrtas nam pàrant, chaidh sgoiltean-araich a stèidheachadh fo bhratach Chomhairle nan Sgoiltean Araich. Tha 33 sgoil-àraich agus cròileagain an-diugh air feadh Alba. Ann a 1985 chaidh na ciad ionadan bun-sgoil Gàidhlig a chur air bhonn ann an Glaschu, an Inbhir Nis agus an Leòdhas. Tha dà fhichead agus a naoi ionad ann an-diugh agus tha 13 àrd-sgoil a' tairgsinn chuspairean sònraichte tron Ghàidhlig. Tha mòran chloinne anns na h-ionadan Gàidhlig aig am bheil pàrantan aig nach eil a' chànan. Tha cuid de na pàrantan a thàinig o dhualchas aig nach eil buinteanas ri Gàidhlig.

Aig an treas ìre, gheibhear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an caochladh chuspairean. Tha cùrsaichean Sabhal Mòr Ostaig gu lèir tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha cuid de na cùrsaichean ann an Colaside a' Chaisteil an Steòrnabhagh tro mheadhan na cànain cuideachd. Tha Gàidhlig air a teagasg ann an corra cholaisde air feadh Alba agus anns na h-oilthighean, agus tha cùrsaichean-bogaidh airson inbheach air a bhith gu math èifeachdach. ‘S ann an Colaisde Bhruaich Chluaidh a chaidh a' chiad chùrsa bogaidh fheuchainn agus a dhearbhadh. Agus bha mi air leth toilichte a bhith làthair aig a' Cholaisde sin nuair a bha iad a' toirt seachad nan duaisean air latha nan duaisean.

Sheall measadh nàiseanta air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chaidh a chur an clò ann an 1993 gu bheil luach mòr ann a bhith teagasg chloinne mun dualchas agus mun cànain, agus gu bheil e a' leudachadh an tuigse air cultaran agus cuspairean eile. Tha am measadh seo a-nise air a dhearbhadh gu follaiseach.

Thòisich sgeama nan tabhartasan sònraichte a thaobh foghlam Gàidhlig ann an 1986. Thòisich am maoineachadh aig dà cheud agus leth-cheud mìle not. Anns a' bhliadhna ionmhais tha romhainn ruigidh na tabhartasan sònraichte còrr is dà mhillein is ochd ceud mìle not, àrdachadh còrr is deich fillte bhon a thòisich an sgeama. Tha sinne mar Riaghaltas a' feuchainn ri spionnadh is gluasad a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig, agus tha e an urra a-nis ris na h-ùghdarrais ionadail brath a ghabhail air an spionnadh sin agus cur ris le planaichean is innleachd a bheir gu ìre e.

Anns na ceithir bliadhna suas gu 2001-02, tha trì cheud mìle not eile air an sònrachadh ann an sgeama ùr son foghlam Gàidhlig do chloinn fo aois sgoile. Anns na trì bliadhna gu ruige 2001-02 tha dà cheud mìle not air an cur an dara taobh son cùrsaichean a chuireas ri àireamh luchd-teagaisg Gàidhlig anns an h-àrd-sgoiltean; ceithir fichead mìle not a dh'ionnsaidh luchd-obrach ‘s an Ionad Nàiseanta ùr son Goireasan Teagaisg Gàidhlig; agus còig air fhichead mìle not son cùrsaichean Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil a leasachadh. Agus an-uiridh, Ceann Comhairle, thug Oifis na h-Alba dà cheud gu leth mìle not do Chomhairle Baile Ghlaschu a dh'ionnsaidh a' chiad sgoil riamh an Alba far am bheil am foghlam air a lìbhrigeadh tro Ghàidhlig a mhàin. Ma tha tuilleadh pisich gus tighinn air foghlam Gàidhlig feumar barrachd sgoiltean mar seo a stèidheachadh, air an dùthaich agus anns na bailtean, agus tha mi air leth toilichte tuigsinn gu bheil mo charaid, Ministear an Fhoghlaim, gu bhith an làthair, agus gur e gu dearbh a bhios a' dèanamh an fhosglaidh oifigeil air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Bidh an Riaghaltas deònach obrachadh còmhla ri na h-ùghdarrasan ionadail chum seo a thoirt gu buil. Feumar barrachd sgoiltean mar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus tha mi toilichte dha-rìribh, sa sgìre Phàrlamaid agam fhìn, gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air sia sgoiltean air feadh nan eilean a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig.

Tha Gàidhlig a-nise aig gach ìre foghlaim: fo aois sgoile, bun-sgoil, àrd-sgoil, colaisdean, oilthighean, agus mar phàirt de thrèanadh thidsearan. Anns an raon fharsaing sin 's e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig as cudromaiche. Agus chan ann a-mhain airson math na cànain, ach airson math foghlaim. Mas e ulaidh nàiseanta th' ann an Gàidhlig, 's e ulaidh dhà-rìreabh a th' ann am foghlam a tha fosgladh dhorsan gu saoghal dà-chànanach agus ioma-chànanach, saoghal nas leatha agus nas doimhne na an saoghal cumhang a chithear tro aon chànan a-mhàin.

Chan eilear a' sparradh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air duine sam bith. Ach far am bheil pàrantan ga iarraidh bu chòir oidhirp a dhèanamh air an iarrtas sin a choileanadh. Ceann Comhairle, chan eil an t-slighe idir rèidh. Tha luchd-teagaisg gann. Tha goireasan oideachaidh gann. Tha airgead gann agus gu mì-shealbhach, tha dìth-misnich pailt. Tha dìth-tuigse air a' bhuannachd a tha an cois dà-chànanas na chnap-starra. Agus tha feum air fiosrachadh a thionndaidheas dìth-tuigse gu tuigse. Tha aon rud, tha mi 'n dòchas, nach eil pailt. Sin droch rùn do Ghàidhlig. A dh'aindheoin corra sgrìobhaiche aig a bheil caran de dh'eagal gu bheil na Gàidheil a' fàs ro-bharallach orra fhèin nuair a bu chòir dhaibh a bhith umhail, modhail agus a' coimhead as dèidh na croite.

Ceann Comhairle, le deagh rùn nam ball anns an taigh seo, agus anns gach pàrtaidh, nì an Riaghaltas an dìcheall gus cùisean a leasachadh a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Feumaidh na comhairlean agus na h-ùghdarrasan ionadail sealbh a ghabhail air agus lùib nam buidhnean Gàidhlig an aon spàirn a dhèanamh gus cùisean a thoirt ceum eile air adhart. Feumaidh sinn uile obrachadh còmhla.

Tha mi a' gluasad,

Gu bheil Pàrlamaid na h-Alba

a' cur fàilte air iomairt Riaghaltais na h-Alba airson taic a chur ris a' Ghàidhlig, gu h-àraid an taic a tha iad a' toirt do dh' fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig;

a' gabhail ri luach cultarail, eaconomach agus sòisealta na Gàidhlig do dh'Alba;

a' cur taice ris a' phàirt a tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail ann an Iomairt Chaluim Chille gus na ceanglaichean a neartachadh eadar coimhearsnachdan Gàidhlig an Alba agus an Eirinn; agus

a' moladh na h-obrach a tha ùghdarrasan ionadail, sgoiltean, colaistean, oilthighean agus buidhnean saor-thoileach a' dèanamh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thairgse aig gach ìre ro-sgoile gu treas-ìre agus foghlam leantainneach agus airson a bhith a' leasachadh nan ealan Gàidhlig.

In the same item of business

The Presiding Officer (Sir David Steel): NPA
The next item of business is a debate on motion S1M.607, in the name of Alasdair Morrison, on Gaelic, and on an amendment to that motion. I shall hand over t...
The Deputy Presiding Officer (Mr George Reid): SNP
While the galleries are clearing, I shall make my announcements first in English, as this is a bilingual debate. As members are aware, a simultaneous interpr...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
Order, order. Welcome to the first Gaelic debate in the Scottish Parliament for 700 years. I call Alasdair Morrison to open the debate.
The Deputy Minister for Highlands and Islands and Gaelic (Mr Alasdair Morrison): Lab
Ceann Comhairle, 's ann le uaill, iomagain agus beagan de dh'irisleachd a tha mi a' fosgladh a' chòmhraidh seo an-diugh. 'S e seo latha cho sònraichte 's a b...
Following is the simultaneous interpretation: Lab
It is with a mixture of pride, trepidation and humility that I open this dialogue today. This is a unique day in the annals of Gaelic, as for the first time ...
The Deputy Presiding Officer: SNP
Tapa leibh a Mhaighistir Mhoireasdain agus beannachdan bho Phàrlamaid na h-Alba.
Following is the simultaneous interpretation: SNP
Thank you, Mr Morrison, and greetings to you from the Scottish Parliament.
The member continued in English. SNP
The next business is in English. I shall therefore take it in English. Before we move on, I advise members that Mr Brian Monteith has chosen to revise slight...
Mr Brian Monteith (Mid Scotland and Fife) (Con): Con
I would like to thank the Presiding Officer for allowing me to replace my amendment at short notice. I have submitted a new one so that the Conservatives can...
Mr John Munro (Ross, Skye and Inverness West) (LD): LD
Chan eil mi a' tuigsinn facal a tha an duine còir a' cantainn. Carson nach eil sinn a' faighinn eadar-theangachaidh ann an Gàidhlig bhon tha e a' bruidhinn a...
Following is the simultaneous interpretation: LD
I do not understand a word that this kind man is saying. Why do we not have a Gaelic translation of what he is saying?
Mr Monteith: Con
I presume that that was a point of order rather than an intervention.
The Deputy Presiding Officer (Patricia Ferguson): Lab
Yes—in which case it was out of order. Given Mr Munro's previous participation in debates, it is safe to assume that he can understand Mr Monteith.
Mr Monteith: Con
It has often been said that what I say is unintelligible, but that is not normally because no translation is available.I want to concentrate mainly on Gaelic...
Michael Russell (South of Scotland) (SNP): SNP
A Chinn Suidhe.Feumaidh mi innse dhuibh aig an tòiseach gur e fear stiùiridh de chompanaidh telebhisean Gàidhlig beag a th' annam.Bidh sinne a' cur taice ris...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
I should declare an interest, as I am the director of a small Gaelic television company.The SNP will support the Executive and oppose the amendment lodged by...
Lewis Macdonald (Aberdeen Central) (Lab): Lab
The member might be interested to know that Gaelic was last spoken in the Scottish Parliament in 1307.
Michael Russell: SNP
Uill, seo a' chiad deasbad againn anns a' Ghàidhlig bho choinnich a' Phàrlamaid—no pàirt Pàrlamaid—ann an Airde a' Chatain ann an Earra Ghàidheal ann an trì ...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
Well, I think that this is the first debate in Gaelic since the Parliament, or part of it, met in Ardchattan, Argyll in 1309. King Robert the Bruce was in yo...
The Deputy Presiding Officer (Patricia Ferguson): Lab
I call John Farquhar Munro to open for the Liberal Democrats.
Mr John Munro (Ross, Skye and Inverness West) (LD): LD
Feasgar math, neach-cathraich. Tha mi air leth toilichte a bhith nam phàirt dhen deasbad seo am Pàrlamaid na h-Alba. 'S e latha sònraichte tha seo, chan ann ...
Tha Tok Pisin aig nas lugha na leth-cheud mìle neach (aon sa cheud dhen mhòr-shluaigh):
ach 's e sin a' phriomh chànan a th' aca a' riaghladh na dùthcha agus ann an saoghal Malairt. Leasan ann a-sin dhuinn uile. San t-suidheachadh sin, bhiodh fo...
Following is the simultaneous interpretation:
Good afternoon, Presiding Officer and friends. I am very pleased to be taking part in this debate. This is a very special day, not only for our Gaelic langua...
The Deputy Presiding Officer: Lab
We now move to the open part of the debate. Members will have four minutes for their speeches; they should try to stick to the timetable so that we can accom...
Lewis Macdonald (Aberdeen Central) (Lab): Lab
Tha mo nighean, Iona, dà bhliadhna an-diugh. Bhiodh m' athair, an t-Urramach Ruairidh Dòmhnallach—"Ruairidh eile"—moiteil aisde.Mar bhàrd agus sgoilear Gàidh...
Following is the simultaneous interpretation: Lab
My daughter, Iona, is two years old today. My father, the Reverend Roddy Macdonald—"the other Roddy"—would have been proud of her. As a Gaelic poet and schol...
The member continued in English. Lab
I belong to the generation in between. When my father learned to speak English at a primary school in North Uist, Gaelic speakers could still be found as far...
Dr Winnie Ewing (Highlands and Islands) (SNP): SNP
Tha mi uamhasach toilichte agus pròiseil a bhith an seo an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Alba—an tìr is àlainne san Roinn Eòrpa. Gàidhlig—cànan Gàradh Ed...
Following is the simultaneous interpretation: SNP
I am happy and proud to be here today in the Scottish Parliament. Gaelic is the language of Eden. I am sorry that I am not yet fluent in Gaelic. I hope to be...
Johann Lamont (Glasgow Pollok) (Lab): Lab
Mòran taing. Chan eil mòran Gàidhlig agam, ach tha mi glè mhòr as a' chànan aig na daoine 'on tàinig mi. Chan urrainn dhomh ach mo thaic a thoirt dhan Ghàidh...