Committee
Enterprise and Lifelong Learning Committee, 20 Oct 1999
20 Oct 1999 · S1 · Enterprise and Lifelong Learning Committee
Item of business
Gaelic
Allan Campbell (Chief Executive, Comunn na Gàidhlig):
Watch on SPTV
Thank you. Before I start, I should say that my colleague, Donald Martin, is also with me, sitting next to the overhead projector. Donald and I are members of the trust of Sabhal Mòr Ostaig. I am proud to say that I have been involved for about 20 years, and Donald for about 10 years. That is an important point. Tapadh leibh, fhir-cathraich. Dh'iarrainn an toiseach fàilte a chur air a' Chomataidh seo chun na Gàidhealtachd agus tha mi airson taing a thoirt dhuibh airson an fhianais seo a chluinntinn ann an Gàidhlig, a' daingneachadh an àite a tha sibh deònach a thoirt dhi ann an obair Pàrlamaid na h-Albann agus ann an riaghladh na dùthcha cuideachd.An dèidh Aithisg bho Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd, chaidh Comunn na Gàidhlig—CNAG—a stèidheachadh ann an 1984 gus an t-slighe air adhart airson ath-bheothachadh agus leasachadh na Gàidhlig agus a' chultair a cho-òrdanachadh. Tha CNAG air am maoineachadh leis an Riaghaltas 's tha e an urra riutha a' Ghàidhlig 's a chultar a leasachadh gu nàiseanta. Tha CNAG cuideachd air a bhith na buidheann comhairleachaidh air cùisean Gàidhlig do Rùnaire na h-Alba agus Oifis na h-Alba.'S e buidheann Earrannta a th' ann an Comunn na Gàidhlig le barrantas agus inbhe carthannais. Tha ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach, na prìomh bhuidhnean Gàidhlig uile agus a' choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd air an riochdachadh air a' Bhòrd Stiùiridh aig CNAG. Tha polasaidhean na buidhne air an deasbad aig a' Chòmhdhail Nàiseanta Bhliadhnail agus air an cur an gnìomh leis an Stiùiriche agus an luchd-obrach. Tha structar na buidhne, aig an ìre seo, air a stèidheachadh air ceithir prìomh chinn: Foillseachadh agus Inbhe Thèarainte; Foghlam; Oigridh agus Leasachadh Coimhearsnachd.Am measg nam prìomh raointean obrach, thar na còig bliadhna deug bho chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh, tha: An Iomairt airson Inbhe ThèaraintePlanaichean Leasachaidh airson GàidhligIomairt airson Craoladh GàidhligComann nam Pàrant (Nàiseanta)Pròiseact nan EalanIomairtean OigridhCùrsaichean Bogaidh GàidhligBuaidh Gàidhlig air an Eaconamaidh (Aithisg Sproull/Ashcroft)Iomairt Turasachd Cultarach FàilteIomairtean Foghlaim GàidhligSgeamaichean Gàidhlig sa Choimhearsnachd.Chithear amasan Chomunn na Gàidhlig anns na prìomh phàipearan poileasaidh, a tha ag innse gu mionaideach mu mholaidhean agus targaidean airson leasachadh a' chànain agus a' chultair air feadh Alba.Chaidh an Dreach Iùl airson Achd Gàidhlig a thoirt do Riaghaltas na h-Alba san Lùnasdal 1999 agus thàthar air Foghlam; Buidhnean Poblach, a' gabhail a-steach na Pàrlamaid fhèin; na Cùirtean; agus Craoladh a chomharrachdh mar na ceithir prìomh raointean a bu chòir a chòmhdach ann an lagh gus dìon brìghmhor no inbhe thèarainte a thoirt don Ghàidhlig, air a stèidheachadh air prionnsabal co-ionnanachd a bhith ann do Ghàidhlig 's do Bheurla, an Alba, coltach ris an aithne a chaidh a thoirt dhan Chuimris ann an Achd na Cuimris bho chionn sia bliadhna air ais.A thaobh prìomh ùidh na Comataidh seo, tha an Dreach Iùl, a thaobh Foghlaim, a' moladh gur e am prionnsabal a bu chòir Achd Ghàidhlig a stiùireadh, gum faigh Foghlam tro Mheadhan na Ghàidhlig an aon inbhe ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla a thaobh a bhith fosgailte do na h-uile, le còirichean, airgead agus stòras eile.Bu chòir cuideachd leasachadh a dhèanamh air teagasg eachdraidh na Gàidhlig as na sgoiltean—maoineachadh ceart a dhèanamh air trusadh agus trèanadh luchd-teagaisg, agus stòras ceart cuideachd a chur ma choinneamh Sabhal Mòr Ostaig agus a leithid.Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig na chiad cheum chudromach air aithneachadh a ghainnid a tha ann de stuthan ionnsachaidh agus teagaisg na Gàidhlig, ach feumar structaran leasachaidh aig ìrean nàiseanta agus ionadail a mhaoineachadh gu cothromach. Tha craoladh a sìor fhàs cudromach ann an saoghal foghlaim leantalach cuideachd agus tha an Dreach Iùl againn a' daingneachadh gu bheil inbhe laghail bunaiteach ma tha seirbheis choilionta Craolaidh Gàidhlig gu bhith air a thoirt gu buil. Tha na molaidhean air Poileasaidh Nàiseanta airson Foghlaim Gàidhlig (Innleachd Airson Adhartais—a chuireadh chun Riaghaltais anns a' Chèitean bho chionn dà bhliadhna air ais) ag iarraidh gun tèid innleachd a stèidheachadh cho luath is a ghabhas airson leasachadh na Gàidhlig agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a cho-òrdanachadh aig ìre nàiseanta.Chaidh Gàidhlig plc fhoillseachadh na bu tràithe air a' bhliadhna, an dèidh beachdan a shireadh bho na prìomh bhuidhnean Gàidhlig.(S e na trì prìomh amasan a tha an lùib a' phlana sin:Aireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadhCoimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadhEaconomaidh na Gàidhlig a leasachadhDèiligidh mi ri na trì amasan fa leth.An toiseach, a' chiad amas—Meudachadh air luchd-labhairt na Gàidhlig:Tha àireamhan luchd-labhairt fhathast a' dol sìos, a dh'aindheoin an leudachaidh a th' air tachairt, leis gu bheil a leithid de sheann daoine againn tha sinn gan call nas luaithe na tha òigridh agus luchd-ionnsachaidh a' tighinn nan aite.(S e a' phrìomh chnap-starra a th' againn leis a' cheann-uidhe seo—Cion Poileasaidh Nàiseanta Foghlaim Gàidhlig. Ged a tha sinn air adhartas mor a dhèanamh thairis air na ceithir bliadhna deug a dh'fhalbh, tha suidheachadh a' chànain as a' choimhearsnachd air fàs cho lag agus nach eil i air chomas tilleadh gun taic shònraichte o shaoghal foghlaim.(S e fuasgladh na ceist sin Achd Ghàidhlig le Còirichean Foghlaim.Nuair a thig Poileasaidh Nàiseanta Foghlaim Gàidhlig—an dàrna cuid mar phàirt de dh'Achd Foghlaim, neo mar phàirt de dh'Achd Ghàidhlig—feumaidh innleachdan trèanaidh airson luchd-teagaisg, aig gach ìre, tighinn na cois agus maoineachadh a leigeas leis na leasachaidhean sin a dhol air adhart. As aonais sin, chan eil dòchas againn air soirbheachadh le àireamhan luchd-labhairt Gàidhlig a thilleadh.(S e an dàrna ceann-uidhe—Neartachadh Coimhearsnachdan Gaidhlig:Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith buan, feumar na coimhearsnachdan dùthchail aice ath-bheothachadh a-rithist ach am bi daoine misneachail agus le fèin-spèis agus moit nan dualchas.(S e an cnap-starra a th' againn an seo—Cion Misneachd agus Ghoireasan.Ri linn (s nach deach a teagasg dhaibh agus, mar sin, nach robh luach cosnaidh riamh sa Ghàidhlig dhan mhòr chuid de na Gàidheil fhèin, chan eil misneachd aca innte no annta fhèin leatha—agus chan eil dòighean ceart ann fhathast gus seo a leasachadh.(S e fuasgladh sin—Innleachd Nàiseanta dhan Ghàidhlig.Mar phàirt de na dh'fheumas leantainn air Achd Ghàidhlig feumaidh innleachdan a bhith againn airson coinneachadh ris gach èiginn leasachaidh a th' ann agus feumaidh ionmhas a bhith ma choinneamh na h-obrach sin ma tha i dol a shoirbheachadh.(S e an treas ceann-uidhe—Leasachadh Eaconomaigeach dhan Ghàidhlig.Ma tha Gàidhlig gu bhith glèidheadh buan an dèidh ath-leasachaidh, feumaidh barrachd is barrachd chothroman a bhith ann a cur an sàs ann an saoghal gnìomhachais is malairt gus am bi buannachd fhollaiseach eaconomaigeach na cois.(S e an cnap-starra a th' ann an-dràsda—Cion Ionmhais Leasachaidh. Chan eil mothachadh gu leòr ann fhathast air na cothroman a dh'fhaodadh tighinn an cois leasachadh eaconomaigeach Gàidhlig agus ri linn sin chan eil ionmhas gu leòr neo taic gu leòr ga chur ris an iomairt seo.(S e fuasgladh air an sin—Taic Chothromach dhan Ghàidhlig.Tha feum air roinn nas cothromaiche de dh'ionmhas a thoirt dhan Ghàidhlig san fharsaingeachd ma tha na h-iomairtean leasachaidh èiginneach a thàthar a-niste a' comharrachadh ri bhith air an coinneachadh, agus cuideachd gus togail air na rinneadh dhan chànan gu ruige seo agus gus an tuilleadh adhartas a choilionadh.Tha a' Ghàidhlig sònraichte ann an dualchas bheairteach nàiseanta na h-Alba.Tha co-obrachadh deatamach a thaobh innleachd leasachaidh.Tha maoineachadh foghlaim bunaiteach do dh'Iomairt agus do dh'Oideachadh Beatha Gàidhlig.Tha co-obrachadh le buidhnean mar Iomairt na Gàidhealtachd, na buidhnean Iomairt, Sabhal Mòr Ostaig fhèin, Oilthigh na Gàidhealtachd, agus Comhairlean, cuide ris an taic a fhuair sinn bhon Riaghaltas fhèin air a dhearbhadh dhuinne gum bheil co-roinn agus co-obrachadh bunaiteach ann an innleachdan leasachaidh na Gàidhlig, agus ma tha i gu bhith buan fad linn eile.Mar a chithear agus mar a chluinnear as na bhios aig riochdairean an as t-Sabhail Mhòir ri aithris ribh a-niste, tha maoineachadh foghlaim aig cridhe innleachdan agus cothroman leasachaidh cànain is eaconomaigh, agus cuideachd aig cridhe innleachd leasachaidh cànain agus cultar na Gàidhlig.Mòran taing airson eisdeachd.
In the same item of business
The Convener:
SNP
The first part of the session will be a discussion with the organisations responsible for the promotion and development of the Gaelic language. For the purpo...
Allan Campbell (Chief Executive, Comunn na Gàidhlig):
Thank you. Before I start, I should say that my colleague, Donald Martin, is also with me, sitting next to the overhead projector. Donald and I are members o...
Following is the simultaneous interpretation:
I welcome the committee to the Highlands. Thank you for allowing us to make our presentations in Gaelic. It demonstrates the position that you desire to give...
The Convener:
SNP
Thank you.
Mr Lachlan Dick (University of the Highlands and Islands Development Co-ordinator, Sabhal Mòr Ostaig):
Gu foirmeal, neach-cathraich, am faodainn taing a thoirt dhuibh fhèin agus don Chomataidh agaibh airson na cothrom seo a thoirt dhuinn.An toiseach, beagan mu...
Following is the simultaneous interpretation:
I thank the committee for this opportunity to speak. First, I will tell a little about the history of the college. Sabhal Mòr Ostaig, a partner institution w...
Mr Calum Robertson (Head of Corporate Planning, Sabhal Mòr Ostaig):
Gnìomhan taice.A bharrachd air na cùrsaichean foghlaim, tha a' Cholaisde an sàs ann an iomadh nì eile chum feumalachdan coimhearsnachd na Gàidhlig a choilion...
Following is the simultaneous interpretation:
In addition to its academic activities, the college undertakes a range of other activities designed to meet the needs of the Gaelic community: Leirsinn, the ...
Mr Dick:
Agus ma dh'fhaodas mise, neach-cathraich, facal a ràdh mu dheidhinn nan nithean a tha ann an amhairc na Colaisde an dà chuid sa gheàrr agus an eadar-ama.Bu m...
Following is the simultaneous interpretation:
In the short to medium term, the college—in partnership with other organisations—has ambitions to progress a number of further projects that would enhance it...
Mr Calum Robertson:
Tha mi 'n dòchas gun tug siud dealbh air na tha Sabhal Mòr Ostaig ris is tha a' buntainn ri dleasdanas na Comataidh agaibh. O chionn greis a nis, tha an Riag...
Following is the simultaneous interpretation:
I hope that the foregoing has given an indication of Sabhal Mòr Ostaig's contribution to the committee's spheres of interest. Central and local government ha...
The Convener:
SNP
In a moment I will open up the discussion for questions, but I want to start with some of the economic links that have been mentioned. The Sabhal Mòr Ostaig ...
Mr Dick:
Tha mi smaoineachadh gur e a' chiad rud a bhiomaid a' coimhead air a shon gu suidheadh leasachadh sam bith gu comhfhurtail ri prìomh amasan na Colaisde. 'S e...
Following is the simultaneous interpretation:
Our first objective would be that whether any development would sit comfortably with the college's main aims. It is an academic college, and we hope to creat...
The Convener:
SNP
Thank you. Allan, I know that in the debate about the development of language, there has been an aspiration in the wider Gaelic community for an economic dev...
Allan Campbell:
Cha tàinig e gu ìre fhathast—tha sinn ga fhaicinn mar amas a tha uamhasach cudromach. 'S e an rud a tha mi smaoineachadh a dh'fheumta a thuigsinn a tha fìor ...
Following is the simultaneous interpretation:
It has not come to fruition yet, but we see it as a very important aim. We must understand that 50 years ago there were far more Gaelic speakers than there a...
Mr Donald Martin (Director of Community Development, Comunn na Gàidhlig):
Tapa leibh. Tha sinne a' toirt sùil air turasachd cultarail agus 's e seo raon far nach eil mòran leasaichidhean air a bhith suas chun an seo. Tha sinn a' sm...
Following is the simultaneous interpretation:
We are looking at culture tourism, an area where there have been few developments until now. However, it is a very important industry—we have the example of ...
Allan Campbell:
Aon rud eile neach-cathraich a dh'iarrainn chur ris an seo, gu bheil e doirbh dha daoine fhathast a thuigsinn dè tha ann an eaconamaidh na Gàidhlig. Cha robh...
Following is the simultaneous interpretation:
It is difficult for people to understand what a Gaelic economy is. People never thought that Gaelic had any relation to the economy; they thought that it was...
George Lyon:
LD
I would like to explore in more depth how we might increase the number of Gaelic speakers. I want to make a comparison with Europe, where I have spent much t...
Allan Campbell:
Bheir mise a' chiad tarraing air an seo agus tha mi 'n dòchas gun tig Lachie Dick staigh an uair sin. A' chiad rud, aig a' chunntas sluaigh mu dheireadh, bha...
Following is the simultaneous interpretation:
I will respond first, and then Lachlan Dick will offer his thoughts. The last census showed that there were fewer than 70,000 Gaelic speakers. It was obvious...
Mr Dick:
Chan eil dà dhoigh nach eil an dùthaich seo gu math deireileach a thaobh a bhith a' togail an dàrna no an treas cànain tacsa ri dùthchannan eile. Tha mi duil...
Following is the simultaneous interpretation:
In comparison with other European countries, we in this country are very backward when it comes to having a second or third language. I regret that I do not ...
George Lyon:
LD
We should consider the situation in the north of Scotland and compare it with the situation in Wales, where the Welsh language is spoken extensively througho...
Mr Dick:
Chan eil fhios 'am a bheil buaidh aige gur e coimhearsnachd gu math sgapte a tha niste ann a thaobh na Gàidhlig air sgàth 's gur e coimhearsnachdan eileanach...
Following is the simultaneous interpretation:
I am not sure exactly why the difference exists. Communities of Gaelic speakers are scattered over a wide area and a number of island communities and Wales d...